Hoddom
Hoddom | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 02′ 38.″ Tuath 03° 19′ 20″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01576 |
Duilleag oifigeil | Hoddom aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Hoddom (Hodelm o shean).[1] Tha e suidhichte aig 7m os cionn ìre na mara[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Eaglais Fheichin agus Cathair Ruairidh, ri taobh na h-aibhne Anainn.[3] Tha e 246km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 19km bhon Dhùn Phrìs agus 101km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Hoddom. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, tha raon goilf agus carabhanlann[5] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann is feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Eaglais Fheicein[6] agus dhan àrd-sgoil ann an Logarbaidh.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às an t-Sean Bheurla héafod agus holm, (Gàidhlig: Ceann an Eilein)[7] agus le sin tha e coltach gun d'fhuair e ainm mu 650. Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Lochlannais holm (innis)[8] cuideachd. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[9] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh eaglais a thogail an seo le Naomh Mungo eadar 572 agus 575[10] ann an àite far an robh tèarmann pàganach ro làimhe. Chan eil càil air fhàgail bhon àm ud sin o chionn 's gun do thogadh na toglaichean ann am fiodh. Thogadh crois san 8mh Linn ann an stoidhle gu math àbhaisteach ann an ceann a tuath Shasainn, a chaidh a lorg san 19mh Linn.[11] Chaidh Caisteal a thogail san 17mh Linn is mean air mhean leasachadh e fad na linntean, gu seach àraidh aig deireadh na 19mh Linne.[12] Chuairtich an Caisteal an dèidh do Mhàiri I Alba fhàgail ach ghèill na luchd-dìon dìreach an ceann latha.[13] Chaidh e a chuairteachadh a-rithis ann an 1559 agus rinn feachdan à Sasainn droch mhilleadh airsan san ath bhliadhna. Tha tobhtaichean an t-sean eaglaise, a chaidh a thogail ann an 1610, ri fhaicinn ged an do deach tè ùr a thogail ann an 1817.[14]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ecclefechan History
- ↑ Weatherline
- ↑ Fish Pal
- ↑ Distance From
- ↑ Hoddom Castle
- ↑ Hoddom Primary
- ↑ Old English Translator
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Ordanance Survey
- ↑ Ecclefechan History
- ↑ SCRAN
- ↑ Buildings at Risk
- ↑ Canmore
- ↑ Scottish Places
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck