Parkgate
Parkgate | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 10′ 23″ Tuath 03° 32′ 38″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01387 |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Parkgate). Tha e suidhichte aig 91m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Drochaid Mhic Iain agus Ae, eadar an Abhainn Ae agus an Abhainn Kinnel. Tha e 237km air falbh bho Obar Dheathain, 88km bho Ghlaschu, 27km bho Inbhir Anainn agus 89km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann am Parkgate. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha Colaiste Tuathanachail ann.[3] Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann faisg air làimhe ann an Netherhill,[4] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil anns a' Mhagh Fada.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à seann Fhraingis parque (buaille)[5] agus Lochlannais gata (rathad)[6] a tha an t-ainm, a chanadh Rathad na Buaille sa Ghàidhlig ris. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[7] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]A-rèir beul-aithris muinntir an àite, mharbh Uilleam Uallas sianar saighdear Sasannach aig Six Corses, dìreach mìle air falbh bho Pharkgate, ann an 1296.[8]Bha corr is 1,200 duine a' fuireach san sgìre air fad ann an 1820[9] ach tha àireamh-shluaigh na sgìre air a bhith a' tuiteam bhon uairsin. Chaidh eaglais ùr a thogail ann an 1815, ann an aon àite far an robh sean eaglais ann o shean.[10] Tha am parraist seo, air an robh Cille Mhìcheil, am broinn parraist Cille Mhìcheil, Tinwald agus Torthorwald a-nis.[11] A-rèir carragh-chuimhne ionadail, fhuair 31 às an sgìre bàs sa Chogadh Mòr[12] agus ochdnar eile san Dàrna Cogadh.
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile: An X74 Dùn Phrìs - Am Magh Fada - Glaschu agus an 114 Dùn Phrìs - Beattock - Am Magh Fada.[13]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Elevation Map
- ↑ Distance From
- ↑ Barony College
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Godswatcher
- ↑ York University
- ↑ Ordanance Survey
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ Visions[dead link]
- ↑ Scotland's Churches
- ↑ KTT
- ↑ Scottish War Memorials Project
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck